Mairidh an Dochas/The Dream Shall Never Die (Gaelic edition): 100 Iatha a dh'atharraich Alba gu Brath/100 Days that Changed Scotland Forever by Alex Salmond
Sgeulachd na h-iomairt a thug crathadh don RA gu a bun, mar a thachair e, agus a' bhuaidh a bhios aig an iomairt airson neo-eisimeileachd na h-Alba air poileataigs ann am Breatann san am ri thighinn.
Tha Ailig Salmond air a bhith gu mor airson neo-eisimeileachd na h-Alba fad a bheatha. San t-Sultain 2014 thainig e gle fhaisg air sin a thoirt gu buil.
Ann an leabhar-latha inntinneach, air a sgriobhadh na dhoigh eirmseach fhein, tha Salmond gar toirt a-steach gu cridhe na h-iomairt BU CHOIR, a' sealltainn de chaidh a radh agus a chaidh a dheanamh air culaibh gnothaich fhad 's a bha an iomairt a' ruighinn aird na teasaich.
Tha e a' sealltainn mar a thug iomairt BU CHOIR ath-bheothachadh do dh'Alba air fad agus mar a rinn e ath-sgriobhadh air na riaghailtean airson iomairt phoilitigeach am measg an t-sluaigh, chan ann a-mhain san RA ach air feadh an t-saoghail.
Tha e cuideachd a' coimhead air adhart ris a' cheist naiseanta chudromaich ann am poileataigs ann am Breatann, a' deanamh gu math soilleir nach b' e deireadh na cuis a bha san reifreann ach am fior thoiseach. Tha an dochas airson neo-eisimeileachd na h-Alba cho fallainn 's a bha e a-riamh.